|

A’ Chòmhdhail Cheilteach: Meur na h-Alba (Text in English)
’S e comunn foghlaim agus cultair a th’anns a’ Chòmhdhail Cheilteach Eadarnàiseanta: ’s e bun-bheachdan agus dualchasan agus cànainean nam pobull Ceilteach uile a neartachadh a tha fainear don chomunn seo. Tha meur dheth anns gach aon dhe na dùthchannan Ceilteach: tha na buill a’ coinneachadh gach bliadhna gus beachdachadh còmhla ri chèile air na nithean anns a bheil ùidh aca agus air na nithean a tha a’ cur dragh orra. Tha a’ cholabhairt seo ga cumail anns gach dùthaich ma seach, le cuspair ro-ainmichte.
A’ Còmhdhail Cheilteach (Alba)
- a’ leantainn ri amasan a’ chomainn eadarnàiseanta dom buin i.
- a’ cur taice ri leasachadh na Gàidhlig agus a dualchais.
- a’ togail ùidh anns na cànnainean agus na dualchasan Ceilteach eile.
- a’ neartachadh cheanglaichean ri Ceiltich eile, sa’ Bhreatainn Bhig, sa’ Chòrn, sa’ Chuimrigh, an Eilean Mhanainn, agus an Eirinn.
- a’ toirt àite sonraichte do dh’fhoghlam.
- a’ misneachadh òigridh gu bhith a’ gabhail pàirt anns na thàtar a’ cur air adhart.
- a’ cur taice ri comainn eile aig a bheil na h-aon amasan.
- a’ cur air chois chèilidhean, chuirmean-ciùil eadar-Cheilteach agus a leithid sin, gus an dualchas a neartachadh agus gus ionmhas a thogail.
- a’ cumail fiosrachaidh ris na buill gu cunbhalach le cuairtlitir.
’Se buidheann carthannais a th’anns a’ Chòmhdhail Cheilteach (Alba): chan eil i a’ gabhail gnothaich ri cùisean poiliticeach no ri cùisean creideimh.
Chan eil e gu diofar dè ’n aois a tha thu -- no co dhiù tha thu fileanta sa’ Ghàidhlig gus nach eil -- BIDH FÀILTE ROMHAD!
Alba
Christine Mac Kay
Membership Secretary, Alma, Cullipool, Isle of Luing, Oban, Argyll PA34 4TX, ALBA
Go to the Celtic Congress index.
|