| Alba: | A’ Chòmhdhail Cheilteach |
| Breizh: | Kendalc’h Keltiek |
| Cymru: | Y Gyngres Geltaidd |
| Éire: | An Chomhdháil Cheilteach |
| Kernow: | An Guntelles Keltek |
| Mannin: | Y Cohaglym Celtiagh |
|
Ma thogras tu faodaidh tu an t-iomradh seo a leughadh ann an cànainean eile: Brezhoneg, Cymraeg, Gaeilge na hÉireann, Kernowek, Gaeilg Vannin, English. Chuireadh a’ Chòmhdhail Cheilteach air chois ann an 1902 gus eòlas air cànainean agus dualchas nan sia dùthchannan Ceilteach a chur am meud agus gus cothrom a thoirt do dhaoine a bhith gan cleachdadh agus a’ cur meas orra. Bidh na meuran nàiseanta dhen Chòmhdhail a’ coinneachadh mar Chòmhdhail Eadarnàiseanta gach bliadhna gus cuideachadh ann a bhith a’ cur nan amasan seo air adhart. Faodar an tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu na meuran fa-leth dhen Chòmhdhail Cheiltich ann an Alba, sa’ Bhreatainn Bhig, sa’ Chuimrigh, ann an Eirinn, anns a’ Chòrn, agus an Eilean Mhanainn. Tha liosta ri fhaotainn cuideachd de sheòlaidhean nam meur air fad. Gheibhear fhathast fiosrachadh mu na cuspairean a bh’ aig a’ Chòmhdhail Eadarnàiseanta aig na cruinnichidhean a bh’ann roimhe seo, agus mu na molaidhean a chaidh aontachadh aca. Gheibhear Bun-stéidh na Còmhdhala (leasachadh 1994) cuideachd. Tha cuid de na buill air sgrÏobhaidhean a thoirt dhuinn mu eachdraidh na Comhdhala. ’S ann sa' Bhreatainn Bhig a bhitheas a’ Chòmhdhail Cheilteach Eadarnàiseanta ann an 2006. Cha bu chòir iomrall a dhéanamh eadar a’ Chòmhdhail Cheilteach agus An Conradh Ceilteach, ged a tha amasan gu leòr ann a tha cumanta eadarra. ’S e Evertype a thug goireasan seachad airson na duilleige seo.
AlbaA’ Chòmhdhail Cheilteach Christine Mac Kay, Alma, Cullipool, Isle of Luing, Oban, Argyll PA34 4TX, +44 1852 31 42 54
Breizh
Cymru
Éire
Kernow
Mannin
International Celtic Congress
Go to the Celtic Congress index. | |
| Text and images ©1995-2009 Evertype |